Do chuid obrach gu Gutter Magazine!

Tha Gutter na iris de sgrìobhadh ùr Albannach agus eadar-nàiseanta. Tha sinn a’ sireadh obair a bheir dùbhlan don status quo, a bheir sealladh gu tur ùr air, no a chuidicheas ann a bhith ga lagachadh; a lorgas dòighean ùra air cruth agus susbaint a làimhseachadh; agus a tha àraid agus bòidheach.

’S e an t-amas a tha aig Iris Gutter àite a dhèanamh do bhàrdachd agus à Alba agus thar a crìochan. A thaobh roisg, gabhaidh sinn an dà chuid ficsean agus neo-fhicsean cruthachail. Thèid beachdachadh air sgriobtaichean dràma de mhathas litreachail.

Bu mhath leinn obair a bhrosnachadh gu sònraichte bho sgrìobhadairean nach eil air an riochdachadh gu h-ìre mhòir ann am foillseachaidhean litreachail: sgrìobhadairean nach eil geal, sgrìobhadairean aig a bheil eòlas air ana-cothrom sòiseo-eaconamach de dhiofar sheòrsaichean, sgrìobhadairean de shluaghan cinnidheach no nàiseanta a chuireadh chun an iomaill, sgrìobhadairean LGDTF (.i. Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach, Tar-ghnèitheach, is Far-ghnèitheach), agus iadsan a bhios a’ sgrìobhadh ann am mion-chànan.

Tha Gutter dealasach mu a bhith a’ cur taic ri cultar litreachail na h-Alba, ach tha sinn a’ dèanamh oidhirp a bhith fosgailte don t-saoghal mhòr – bidh sgrìobhadh à dùthchannan eile anns gach iris.

66eea7f9-e08c-41c5-b078-fc77ac8cca6c.JPG

Àireamh 30 - dùinte.

Àireamh 30 - Tha tagraidhean a-nis dùinte. Fosglaidh tagraidhean a-rithist as t-fhoghar 2024.

Bu chòir obair ùr a chur thugainn an aon chuid tro ar portal air-loidhne.

Sàbhail am faidhle agad mar ‘ciadainm_cinneadh_rosg’ no ‘ciadainm_cinneadh_bàrdachd’.


Stiùireadh-stoidhle:

  • Clò Garamond, Times no Arial aig ìre 12, dà-bheàrnach (double-spaced) agus blocaichte (justified)

  • Mas e clò-ghrafachd (typography) no co-dhealbhachd (layout) mhì-àbhaisteach a tha ann, bidh feum air PDF cuideachd

  • Cuir aon bheàrn a-mhàin eadar seantansan

  • Ma tha thu a’ cleachdadh chomharran-labhairt, bu chòir comharran-labhairt singilte a bhith ann airson cainnt dhìreach, agus bu chòir comharran-labhairt dùbailte a bhith ann airson cainnt luaidhte

  • Cleachd clò Eadailteach airson ainmean phàipearan-naidheachd, irisean, leabhraichean, bhàtaichean, agus thrèanaichean

  • Cleachd comharran-labhairt singilte airson ainmean òran, dhàn, agus sgeulachdan

  • Cha bu chòir 'asgairean leisgeulach' a bhith ann am Beurla Ghallta, ceart gu leòr?

  • Tha an còrr den fhòrmatadh an urra ris a’ bhàrd fhèin, ach dèan cinnteach gun gabh thu a-steach PDF airson bàrdachd fhosgailte (open field), bàrdachd nitheil (concrete poetry) no bàrdachd a chleachdas eag caochlaideach (variable indent) air an làimh-chlì no co-thaobhadh (alignment) eadar-dhealaichte leithid co-thaobhadh sa mheadhan. Thoir fa-near fòrmat na h-iris fhèin ma tha thu a’ cur a-steach obair phrobhail no lèirsinneach.


STIÙIREADH

  • Chan fhaod gin dhen obair a bhith foillsichte mar-thà an dà chuid ann an clò no air-loidhne.

  • Feumaidh an obair a bhith ann an Sgrìobhainnean Word a-mhàin. Nuair a thig e gu bàrdachd nitheil (concrete poetry) no obair aig a bheil eileamaid radharcach cuir thugainn sgrìobhainn Word agus PDF na cois. Ma tha grunn dhàn ann, cuir ann an aon sgrìobhainn Word a-mhàin iad – bidh sin a’ lùghdachadh ar n-obrach gu mòr!

  • Cuir d’ ainm, seòladh, còd-puist, agus cunntas fhaclan (no cunntas loidhnichean mas e bàrdachd a tha ann) air duilleag-thiotail, a bharrachd air tuairisgeul de 25 facal mu do dheidhinn fhèin

  • Cuir d’ ainm air bann-cinn (header) gach taoibh-dhuilleig den sgrìobhainn Word agad

  • Sàbhail do chuid obrach mar ‘ciadainm_cinneadh_rosg’ no ‘ciadainm_cinneadh_bàrdachd’ - agus gabh a-steach àireamh na h-iris ‘_Gutter21’

  • Suas gu còig dàin aig a’ char as motha anns nach eil barrachd air 120 loidhne uile gu lèir, no rosg suas gu 3000 facal (aon sgeulachd no grunn dhiubh, cho fad ’s nach eil còrr is 3000 facal ann uile gu lèir). Cha leughar sgrìobhadh sam bith anns a bheil còrr is 3000 facal de rosg no 120 loidhne de bhàrdachd.

  • Tha fàilte ro litrichean-còmhdaich ach chan eil iad deatamach. Cùm air chuimhne nach bi na deasaichean a’ leughadh nam post-d fhèin, dìreach na sgrìobhainnean a chuireadh a-steach. Mar sin dheth, feumaidh fiosrachadh sam bith eile a tha nad bheachd cudromach airson na h-obrach a bhith air do dhuilleig-thiotail.

Thèid cìs stèidhichte de £30 a phàigheadh do chom-pàirtichean soirbheachail airson obair a tha foillsichte anns an iris, ge bith dè am fad no an stoidhle a tha ann. Thèid seo a phàigheadh le seic air a bheil ainm an ùghdair. Innis dhuinn nam b’ fheàrr leat ainm eadar-dhealaichte a chleachdadh. Gheibh ùghdaran foillsichte lethbhreac an-asgaidh den iris cuideachd.

Bu chòir obair ùr a chur thugainn an aon chuid tro ar portal air-loidhne, no tron t-seòladh puist-d info@guttermag.co.uk

Chan eil ach sgioba beag de dhaoine an sàs ann an Gutter agus bidh sinn a’ faighinn tòrr mòr de sgrìobhadh airson na h-iris. Chan eil e comasach dhuinn, mar sin, freagairt a thoirt don a h-uile duine a chuireas obair thugainn. Cùm air chuimhne an ceann-ama airson cur a-steach; mur an cuala tu bhuainn taobh a-staigh de shia mìosan, faodaidh tu an obair agad a chur gu iris eile.

Gura math a thèid leat!